Blogaichean - a bheil iad math?

Tha blogaichean uabhasach fhèin fasanta an-dràsda agus thèid am moladh gu mòr. Ach a bheil iad math? Gu dearbh chìthear mòran Gàidhlig sgrìobhte annta agus bidh na sgrìobhadairean a' toirt seachad beachdan mu iomadach cuspair. Ach ma bhitheas tu a' coimhead air na "comments", chan fhaic thu mòran. An e àite iomallach a th' anns an t-saoghal nam blogaichean? Gach sgrìobhadair na shuidhe ann am prìson a thagh e/i fhèin gun chomhradh, gun deasbad tuilleadh? Dè cho math a tha a' Ghàidhlig anns na blogaichean? A bheil e gu diofar a bheil e làn mhearachdan gu math tric? De ùr beachd mu dheidhinn? Carson a sgrìobh duine mu rudan gu math priabhaideach aca anns an eadar-lìon. An aon rud mar na talkshows anns an telebhisean neo tuilleadh cothrom beachdan a thoirt seachad ann an dòigh deamocratach? A bheil cuspairean ann a tha a dhith oirbh? Ceist air cheist agus tha mi an dòchas gum bi deasbad inntinneach againn.